《An Eala Bhàn (The Fair Swan)》是为苏格兰风笛整理的慢歌乐谱。此乐谱来自苏格兰。Dòmhnall Ruadh Chorùna作曲(1916)。
作曲 | Dòmhnall Ruadh Chorùna(1916年) |
作词 | Dòmhnall Ruadh Chorùna |
改编 | A. Clark |
地区 | 欧洲 > 英国 > 苏格兰 |
风格 | 慢歌 |
乐器 | 苏格兰风笛 |
调性 | 降B大调 |
节拍 | 6/8 |
授权 | 未知授权 |
格式 | 下载 | 大小 |
---|---|---|
gif | An_Eala_Bhàn_(The_Fair_Swan).gif | 12.63 KiB |
bww | An_Eala_Bhàn_(The_Fair_Swan).bww | 613 字节 |
txt | An_Eala_Bhàn_(The_Fair_Swan).txt | 1.81 KiB |
An Eala Bhàn Dòmhnall Ruadh Chorùna Gur duilich leam mar tha mi ’S mo chridhe ’n sàs aig bròn Bhon an uair a dh’fhàg mi Beanntan àrd a’ cheò Gleanntannan a’mhànrain Nan loch, nam bàgh ’s nan sròm ’S an eala bhàn tha tàmh ann Gach latha air ’m bheil mi ’n tòir. A Mhagaidh na bi tùrsach A rùin, ged gheibhinn bàs- Cò am fear am measg an t-sluaigh A mhaireas buan gu bràth? Chan eil sinn uile ach air chuairt Mar dhìthein buaile fàs Bheir siantannan na blianna sios ’S nach tog a’ ghrian an àird. Tha ’n talamh leir mun cuairt dhìom ’Na mheallan suas ’s na neòil; Aig na ’shells a’ bualadh - Cha leir dhomh bhuam le ceò: Gun chlaisneachd aig mo chluasan Le fuaim a’ ghunna mhòir; Ach ged tha ’n uair seo cruaidh orm Tha mo smuaintean air NicLeòid. Air m’ uilinn anns na truinnsichean Tha m’ inntinn ort, a ghràidh; Nam chadal bidh mi a’ bruadar ort Cha dualach dhomh bhith slàn; Tha m’ aigne air a lionadh Le cianalas cho làn ’S a’ghruag a dh’fhàs cho ruadh orm A nis air thuar bhith bàn. Ach ma thig an t-àm Is anns an Fhraing gu faigh mi bàs ’S san uaigh gun tèid mo shìneadh Far eil na mìltean chàch, Mo bheannachd leis a’ ghruagaich, A’ chaileag uasal bhbànn - Gach là a dh’fhalbh gun uallach dhi, Gun nàire gruaidh na dhàil. Oidhche mhath leat fhèin, a rùin Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth; Cadal sàmhach air a chùl Do dhùsgadh sunndach slàn. Tha mise ’n seo ’s an truinnsidh fhuar ’S nam chluasan fuaim bhàis Gun duil ri faighinn às le buaidh - Tha ’n cuan cho buan ri shnàmh. Source: https://en.wikipedia.org/wiki/An_Eala_Bhàn
本网站所有乐谱均可免费下载,但部分乐谱可能受著作权保护。
如有类似情形, 请联系网站管理员,相关乐谱将即刻撤除。